Highland Folk Museum - An attraction for all ages
 
Kingussie Museum

Fosgailte do bhuidhnean a ghlèidh ro làimh a-mhàin

Chaidh an làrach aig Cinn a’ Ghiùthsaich a cheannach leis an tè a stèidhich Highland Folk Museum, An t-Oll. Iseabail Ghrannd, ann an 1943 agus chaidh fhosgladh dhan mhòr-shluagh anns An Ògmhios 1944. B’ e ‘Am Fasgadh’ a thug An t-Oll. Ghrannd air an taigh-tasgaidh oir bha i ga fhaicinn mar àite-còmhnaidh sàbhailte dhan a’ chruinneachadh eireachdail de stuthan agus innealan bhon Ghàidhealtachd. (Brùth air a’ cheangal a tha seo airson artaigil mun Oll. Ghrannd, a beatha agus Highland Folk Museum)

An-diugh, tha an cruinneachadh aig an Oll. Ghrannd, a tha cudromach aig ìre nàiseanta, anns an taigh-tasgaidh agus tha sin air a bhith air a leudachadh thar nam bliadhnachan. ’S e goireas sònraichte a th’ ann, agus am measg na tha anns na cruinneachaidhean tha àirneis, stuthan bhon dachaigh, innealan agus uidheaman àiteachais agus togalaichean leithid ‘Taigh-rèisgidh’, ‘Muileann Ghlaic’ agus an ‘Taigh-tughaidh’. (Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu na chì thu brùth air ‘goireasan’.)

 

.


Vegetable Garden at Kingussie Highland Folk Museum